Eileanan Innse Gall
Tarasaigh
Tha an t-eilean seo mu dà mhìle iar air Na Hearadh is thàinig e gu aire an t-sluaigh ann an 2000 nuair a chlàr a’ BhBC ‘Castaway 2000’ ann. Chan eil duine a’ fuireach ann an-diugh – dh’fhàg na h-eileanaich mudheireadh anns na 1970an – ach tha an t-eilean cho bòidheach is cho inntinneach a thaobh eachdraidh gun fhiach bruidhinn air. Le airse nàdarrach, iomadh tràigh bhòidheach, machairean agus fiadh-bheatha, tha an t-eilean seo na chala ma tha trioblaidean agad. Faodaidh tu a bhith na do dhìobarach air an eilean. Thathar air bothain fèin-shòlarachd airson saor-làithean a dhèanamh den taigh-sgoile agus taigh MhicAoidh a chleachd na ‘dìobaraich’.
|